Gidheadh, a‑chum nach tugamaid oilbheum dhaibh, imich thusa a‑chum na fairge, agus tilg dubhan innte, agus tog an ciad iasg a thig a‑nìos: agus air fosgladh a bheòil dhut, gheibh thu bonn airgid; sin gabh, agus thoir dhaibh air mo shon-sa, agus air do shon fhèin.
Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Thugaibh do Chèasar na nithean as le Cèasar, agus do Dhia na nithean as le Dia. Agus ghabh iad iongantas ris.
Ma labhras neach sam bith, labhradh e mar bhriathran Dhè; ma tha neach sam bith ri frithealadh, dèanadh e e mar on chomas a bheir Dia dha; a‑chum gum bi Dia air a ghlòrachadh anns na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd: dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.