Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 20:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nochdaibh dhomh pèighinn: cò leis an dealbh agus an sgrìobhadh a tha oirre? Fhreagair iadsan agus thubhairt iad, Le Cèasar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a chaidh an seirbhiseach sin fhèin a‑mach, fhuair e aon de a cho-sheirbhisich air an robh aige ceud pèighinn: agus chuir e làmh ann, agus rug e air sgòrnan air, ag ràdh, Ioc dhomh na bheil agam ort.

Agus an dèidh dha còrdadh ris an luchd-obrach air pèighinn Ròmanaich anns an là, chuir e da ghàrradh-fìona iad.

Agus thubhairt e riu, Cò dha a bhuineas an dealbh seo, agus an sgrìobhadh a tha ma thimcheall?

Agus thug iad da ionnsaigh i. Agus thubhairt e riu, Cò dom buin an ìomhaigh seo, agus an sgrìobhadh seo? Agus thubhairt iadsan ris, Do Chèasar.

Agus thàrladh anns na làithean sin gun deachaidh òrdagh a‑mach o Chèasar Augustus an domhan uile a mheas.

A bheil e ceadaichte dhuinn cìs a thoirt do Chèasar, no nach eil?

Ach thuig esan an cuilbheartachd, agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh gam bhuaireadh?

Agus thubhairt esan riu, Thugaibh-se air an adhbhar sin do Chèasar na nithean as le Cèasar, agus do Dhia na nithean as le Dia.

Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh.

A‑nis anns a’ chòigeamh-bliadhna-deug de ìmpireachd Thiberiuis Chèasair, air bhith do Phontias Pilat na uachdaran air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air Iturèa agus dùthaich Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene,

Agus air seasamh suas do aon dhiubh dom b’ainm Agabus, dh’fhoillsich e tron Spiorad gum biodh gorta mhòr air feadh an domhain uile: nì mar an ceudna a thachair ri linn Chlaudiuis Chèasair.

An sin thubhairt Agripa ri Festus, Dh’fhaodte an duine seo a leigeadh as, mura biodh gun do thog e a chùis gu Cèasar.

Tha na naoimh uile a’ cur fàilte oirbh, gu h‑àraidh iadsan a tha de theaghlach Chèasair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan