Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 20:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A bheil e ceadaichte dhuinn cìs a thoirt do Chèasar, no nach eil?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Biodh a‑nis fios aig an rìgh, ma thogar am baile seo, agus ma chuirear suas a bhallachan, nach ìoc iad cìs, càin, no cuspann, agus gun toir thu call air teachd-a‑steach nan rìghrean.

O làithean ar n‑athraichean bha sinn ann an cionta mòr gu ruig an là‑an‑diugh, agus airson ar n‑euceartan thugadh thairis sinn fhèin, ar rìghrean, ar sagartan, do làimh rìghrean nan tìrean, don chlaidheamh, do dhaorsa, agus do chreachadh, agus do nàire gnùise, mar air an là‑an‑diugh.

Agus bha ann a thubhairt, Ghabh sinn airgead an coingheall airson cìs an rìgh air ar fearann agus ar fìon-liosan.

Agus is mòr a thoradh do na rìghrean a chuir thu os ar cionn airson ar peacaidhean; agus tha uachdaranachd aca os cionn ar corp, agus os cionn ar sprèidhe, a rèir an toile, agus tha sinn ann an teinn mhòir.

Thubhairt esan, Tha. Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh, labhair Iosa ris air tùs, ag ràdh, Ciod i do bharail-sa, a Shìmoin? Cò uaithe a tha rìghrean na talmhainn a’ togail càine no cìse? An ann on cloinn fhèin, no o choigrich?

Agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thu a’ labhairt agus a’ teagasg gu ceart, agus nach eil suim agad de phearsa duine sam bith, ach gu bheil thu a’ teagasg slighe Dhè a rèir na fìrinn.

Ach thuig esan an cuilbheartachd, agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh gam bhuaireadh?

Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh.

An dèidh an fhir seo dh’èirich Iùdas an Galilèach suas, ann an làithean na cìs-mheasaidh, agus tharraing e mòran sluaigh na dhèidh: sgriosadh esan mar an ceudna, agus a mheud is a ghèill dha sgapadh iad uile.

Air an adhbhar sin thugaibh do na h‑uile an dlighe fhèin: càin dhàsan don dlighear càin, cìs dhàsan don dlighear cìs, eagal dhàsan don dlighear eagal, agus urram dhàsan don dlighear urram.

Cuiridh tu, air gach aon chor, esan na rìgh os do chionn a thaghas an Tighearna do Dhia; aon o mheasg do bhràithrean cuiridh tu na rìgh os do chionn: chan fhaod thu coigreach a chur os do chionn, nach eil na bhràthair dhut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan