Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 20:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thu a’ labhairt agus a’ teagasg gu ceart, agus nach eil suim agad de phearsa duine sam bith, ach gu bheil thu a’ teagasg slighe Dhè a rèir na fìrinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

A‑nis, matà, biodh eagal an Tighearna oirbh: thugaibh an aire agus bithibh a’ dèanamh; oir maille ris an Tighearna ar Dia chan eil euceart, no bàidh ri neach seach a chèile, no gabhail duaise.

Ris-san nach gabh ri gnùis uachdaran, agus nach meas an saoibhir nas mò na am bochd? Oir is iad uile obraichean a làmh.

Labhraidh iad dìomhanas gach neach ra choimhearsnach; le bilean miodalach, le cridhe dùbailte labhraidh iad.

Bu mhìne na ìm facail a bheòil, ach bha cogadh na chridhe; bu bhuige a bhriathran na ola, ach bu chlaidheamhan rùisgte iad.

Agus chuir iad da ionnsaigh an deisciobail fhèin maille ri luchd-leanmhainn Heroid, ag ràdh, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìor, agus gu bheil thu a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn, agus nach eil suim agad de dhuine sam bith: oir chan eil thu ag amharc air pearsa dhaoine.

Agus air dhaibhsan teachd, thubhairt iad ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìrinneach, agus nach eil suim agad de neach air bith: oir chan eil thu ag amharc air gnùis dhaoine, ach a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. A bheil e ceadaichte cìs a thoirt do Chèasar no nach eil? An tabhair no nach tabhair sinn i?

Agus rinn iad geur-fhaire air, agus chuir iad a‑mach luchd-foille, a leigeadh orra fhèin a bhith nam fìreanan, a‑chum gun dèanadh iad greim air a fhacail, air chor is gun tugadh iad thairis e do chumhachd agus do ùghdarras an uachdarain.

A bheil e ceadaichte dhuinn cìs a thoirt do Chèasar, no nach eil?

Thàinig esan a‑chum Iosa anns an oidhche, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gur fear-teagaisg thu a thàinig o Dhia: oir chan urrainn duine air bith na mìorbhailean seo a dhèanamh a tha thusa a’ dèanamh, mura bi Dia maille ris.

Oir chan eil sinne mar mhòran, a thruailleas facal Dhè: ach mar o threibhdhireas, ach mar o Dhia, tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd.

Oir a bheil mi a‑nis a’ cur impidh air daoine, no air Dia? No a bheil mi ag iarraidh daoine a thoileachadh? Oir nam bithinn fhathast a’ toileachadh dhaoine, cha bhithinn am sheirbhiseach aig Crìosd.

Ach on dream sin a mheasadh gum bu nì‑eigin iad, ciod air bith a bha iad roimhe, chan eil suim ann dhòmhsa: chan eil suim aig Dia de phearsa duine, oir iadsan a mheasadh gum bu nì‑eigin iad, cha do phàirtich iad len còmhradh a’ bheag sam bith riumsa:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan