Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 20:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn iad geur-fhaire air, agus chuir iad a‑mach luchd-foille, a leigeadh orra fhèin a bhith nam fìreanan, a‑chum gun dèanadh iad greim air a fhacail, air chor is gun tugadh iad thairis e do chumhachd agus do ùghdarras an uachdarain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Ioab fios gu Tecòah, agus thug e as a sin bean ghlic, agus thubhairt e rithe, Leig ort a bhith ri bròn, guidheam ort, agus cuir ort a‑nis aodach bròin, agus na ung thu fhèin le ola, ach bi mar mhnaoi a tha a‑nis fada ri bròn airson mairbh:

Agus tha luchd-iarraidh m’anama a’ cur ribeachan romham, agus luchd-iarraidh m’uilc a’ labhairt nithean aimhleasach, agus a’ smaoineachadh ceilge air feadh an là uile.

Abraibh ri Dia, Cia uamhasach d’obraichean! Trìd meud do neirt strìochdaidh do naimhdean dhut.

Bheireadh luchd-fuath an Tighearna ùmhlachd dha, ach mhaireadh an aimsir-san gu bràth.

Oir bha mi mar uan, no mar dhamh, air a stiùradh a‑chum a’ chasgraidh; agus cha robh fhios agam gun do dhealbh iad innleachdan ann am aghaidh, ag ràdh, Sgriosamaid an crann maille ra thoradh, agus gearramaid e sìos à fearann nam beò, a‑chum nach bi a ainm nas mò air a chuimhneachadh.

An sin thubhairt iad, Thigibh, agus dealbhamaid innleachdan an aghaidh Ieremiah: oir cha bhàsaich an reachd on t‑sagart, no comhairle on eagnaidh, no am facal on fhàidh. Thigibh, agus buaileamaid e leis an teangaidh, agus na tugamaid aire do aon de a bhriathran.

Oir chuala mi tuairisgeul mhòrain, Uamhas air gach taobh aithrisibh-se, agus aithrisidh sinne e: tha iadsan uile ris an robh mi ann an sìth furachair airson mo thuislidh, ag ràdh, Theagamh gum meallar e, agus gum faigh sinn buaidh air, agus gun gabh sinn dìoghaltas dheth.

An sin dh’iarr na h‑uachdarain agus na prionnsachan cùis fhaotainn an aghaidh Dhanieil a‑thaobh na rìoghachd, ach cha b’urrainn iad cùis air bith fhaotainn, no coire: do bhrìgh gu robh e dìleas, cha mhò a fhuaireadh mearachd no coire sam bith ann.

Agus air dhaibh esan a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Phontius Pilat, an t‑uachdaran.

Agus rinn iad faire air, a dh’fheuchainn an lèighseadh e e air là na sàbaid, a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh.

A’ dèanamh feall-aire air, agus ag iarraidh nì‑eigin a ghlacadh as a bheul, a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh.

Agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thu a’ labhairt agus a’ teagasg gu ceart, agus nach eil suim agad de phearsa duine sam bith, ach gu bheil thu a’ teagasg slighe Dhè a rèir na fìrinn.

Agus cha b’urrainn iad greim a dhèanamh air a bhriathran am fianais an t‑sluaigh: agus ghabh iad iongantas ra fhreagradh, agus dh’fhan iad nan tosd.

Agus tre shannt nì iad ceannachd oirbh le briathran mealltach: dream nach eil am breitheanas a‑nis o chian a’ dèanamh moille, agus chan eil an sgrios a’ turra-chadal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan