Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 20:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair iad ris, ag ràdh, Innis dhuinn ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thu a’ dèanamh nan nithean seo? No cò esan a thug an t‑ùghdarras seo dhut?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Cò a rinn thusa ad uachdaran agus ad bhritheamh oirnne? Am miann leat mise a mharbhadh, mar a mharbh thu an t‑Eiphiteach? Agus ghabh Maois eagal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an nì seo aithnichte.

Agus thàrladh air aon de na làithean sin, nuair a bha e a’ teagasg a’ phobaill anns an teampall, agus a’ searmonachadh an t‑soisgeil, gun tàinig na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean air, maille ris na seanairean,

Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Feòraichidh mise mar an ceudna aon nì dhibhse; agus freagraibh mi:

An sin fhreagair na h‑Iùdhaich, agus thubhairt iad ris, Ciod an comharradh a nochdas tu dhuinne, do bhrìgh gu bheil thu a’ dèanamh nan nithean sin?

Ach chuir am fear a rinn an eucoir air a choimhearsnach uaithe e, ag ràdh, Cò a rinn thusa ad uachdaran agus ad bhritheamh oirnne?

A dhaoine rag-mhuinealach, agus neo-thimcheall-gheàrrte ann an cridhe agus ann an cluasan, tha sibh a‑ghnàth a’ cur an aghaidh an Spioraid Naoimh: mar a rinn ur n‑athraichean, mar sin tha sibhse a’ dèanamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan