An sin dh’fhàs Pòl agus Barnabas dàn, agus thubhairt iad, B’èiginn facal Dhè a bhith air a labhairt ribhse air tùs: ach do bhrìgh gun do chuir sibh cùl ris, agus gur i ur breith oirbh fhèin nach airidh sibh air a’ bheatha mhaireannaich, feuch, tha sinne a’ tionndadh a‑chum nan Cinneach.
Tha mi ag ràdh mas eadh, An do thilg Dia a phoball uaithe? Nar leigeadh Dia. Oir is Israeleach mise fhèin mar an ceudna, de shliochd Abrahàim, de threubh Bheniàmin.
Tha mi ag ràdh uime sin, An do thuislich iad ionnas gun tuiteadh iad? Nar leigeadh Dia: ach tre an tuiteam-san tha slàinte air teachd a‑chum nan Cinneach, a‑chum iadsan a bhrosnachadh gu eud.
Nar leigeadh Dia: ach biodh Dia fìor, agus gach duine na bhreugaire; a rèir mar a tha e sgrìobhte, A‑chum gum bi thu ceart ann ad bhriathran, agus gun toir thu buaidh nuair a bheirear breith ort.
Uime sin an do rinneadh an nì sin a bha math na bhàs dhòmhsa? Nar leigeadh Dia. Ach rinneadh am peacadh mar sin, a‑chum gum faicte gur peacadh e, ag obrachadh bàis annamsa, leis an nì sin a tha math: a‑chum tre an àithne gum fàsadh am peacadh ro‑pheacach.
Ciod uime sin a their sinn? A bheil an lagh na pheacadh? Nar leigeadh Dia. Chan eadh, cha b’aithne dhomh peacadh, ach tre an lagh: oir cha bhiodh eòlas agam air sannt, mura abradh an lagh, Na sanntaich.
Ach air dhuinn a bhith ag iarraidh a bhith air ar fìreanachadh tre Chrìosd, ma gheibhear nar peacaich sinn fhèin, a bheil, uime sin, Crìosd na mhinistear peacaidh? Nar leigeadh Dia.
Uime sin a bheil an lagh an aghaidh geallaidhean Dhè? Nar leigeadh Dia: oir nam biodh lagh air a thabhairt a bhiodh comasach air beatha a thoirt uaithe, gu deimhinn is ann on lagh a bhiodh fìreantachd.
Ach nar leigeadh Dia gun dèanainn-sa uaill ach ann an crann-ceusaidh ar Tighearna Iosa Crìosd, tre a bheil an saoghal air a cheusadh dhòmhsa, agus mise don t‑saoghal.