Agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e, agus mharbh iad e. Ciod uime sin a nì tighearna an fhìonlios riu?
Ach nuair a chunnaic an tuath e reusonaich iad eatorra fhèin, ag ràdh, Is e seo an t‑oighre: thigibh, marbhamaid e, a‑chum gum bi an oighreachd againn fhèin.
Thig e agus sgriosaidh e an tuath ud, agus bheir e am fìonlios do dhaoine eile. Agus nuair a chuala iad seo, thubhairt iad, Nar leigeadh Dia.
Uime sin a‑chum gun dèanadh Iosa an sluagh a naomhachadh le a fhuil fhèin, dh’fhuiling e mar an ceudna an taobh a‑muigh den gheata.