Ach nuair a chunnaic an tuath e reusonaich iad eatorra fhèin, ag ràdh, Is e seo an t‑oighre: thigibh, marbhamaid e, a‑chum gum bi an oighreachd againn fhèin.
Baisteadh Eòin, cia as a thàinig e? O nèamh, no o dhaoine? Ach reusonaich iadsan nam measg fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, O nèamh, their esan rinn, Carson, mas eadh, nach do chreid sibh e?
An sin thubhairt tighearna an fhìonlios, Ciod a nì mi? Cuiridh mi mo mhac gràdhach dan ionnsaigh: faodaidh e a bhith, nuair a chì iad e, gun toir iad urram dha.
Agus anns an uair sin fhèin dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean làmh a chur ann; ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd seo.
Agus mas clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus co‑oighreachan maille ri Crìosd: mas e is gum fuiling sinn maille ris, a‑chum gun glòraichear sinn maille ris mar an ceudna.