An sin thubhairt tighearna an fhìonlios, Ciod a nì mi? Cuiridh mi mo mhac gràdhach dan ionnsaigh: faodaidh e a bhith, nuair a chì iad e, gun toir iad urram dha.
Ciod tuilleadh a ghabhadh dèanamh rim fhìonlios nach do rinn mi ris? Carson, nuair a dh’amhairc mi an tugadh e a‑mach dearcan fìona, a thug e a‑mach dearcan fiadhain?
Theagamh gun tabhair taigh Iùdah fa‑near an t‑olc sin uile a tha ann am aire-sa a dhèanamh orra; air chor is gun till iad, gach aon o a dhroch shlighe, agus gum maith mise an aingidheachd agus am peacadh.
Theagamh gun taisbein iad an athchuinge an làthair an Tighearna, agus gun till iad, gach aon o a dhroch shlighe; oir is mòr an fhearg agus a’ chorraich a labhair an Tighearna an aghaidh an t‑sluaigh seo.
Uime sin, a mhic an duine, deasaich dhut fhèin àirneis airson dol air imrich, agus atharraich anns an là nan sealladh; agus atharraichidh tu od àite gu àit eile nan sealladh; theagamh gun toir iad fa‑near, ged is taigh ceannairceach iad.
Cionnas a bheir mi thairis thu, O Ephraim! Cionnas a bheir mi seachad thu, O Israeil! Cionnas a nì mi thu mar Admah! A chuireas mi thu mar Sheboim! Tha mo chridhe an taobh a‑staigh dhìom air tionndadh; tha m’aithreachais air lasadh le chèile.
Air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thilg neul soillseach sgàil orra: agus, feuch, guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd: èisdibh ris.
Ach nuair a chunnaic an tuath e reusonaich iad eatorra fhèin, ag ràdh, Is e seo an t‑oighre: thigibh, marbhamaid e, a‑chum gum bi an oighreachd againn fhèin.
Oir an nì nach robh an comas don lagh a dhèanamh, do bhrìgh gu robh e anfhann tre an fheòil, aig cur a Mhic fhèin do Dhia ann an coslas feòla peacaich, agus na ìobairt airson peacaidh, dhìt e am peacadh anns an fheòil: