Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 20:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑rìs chuir e seirbhiseach eile uaithe; agus ghabh iad airsan mar an ceudna, agus mhaslaich iad e, agus chuir iad uapa falamh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

B’fhìonain thorrach Israel: thug e a‑mach toradh dha fhèin: a rèir pailteas a thoraidh chuir e altairean an lìonmhorachd; a rèir maitheas a fhearainn rinn e dealbhan àlainn.

Agus a‑rìs chuir e seirbhiseach eile dan ionnsaigh: agus chlach iad e, agus reub iad a cheann, agus chuir iad uapa e le eas-urram.

Agus anns an àm dhligheach chuir e seirbhiseach a dh’ionnsaigh na tuatha, a‑chum gun tugadh iad dha de thoradh an fhìonlios: ach ghabh an tuath air, agus chuir iad uapa falamh e.

Agus a thuilleadh air sin chuir e an treas seirbhiseach uaithe; agus lot iad esan mar an ceudna, agus thilg iad a‑mach e.

Cò de na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur-leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a ro‑fhoillsich teachd an Fhìrein ud; air an robh sibhse a‑nis nur luchd-brathaidh, agus nur mortairean:

Ach fòs air dhuinn fulang roimhe, agus an dèidh ar maslachaidh ann am Philipi, mar as aithne dhuibh, bha dànachd againn nar Dia soisgeul Dhè a labhairt ribhse ann am mòr-ghleac.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan