Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 20:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus anns an àm dhligheach chuir e seirbhiseach a dh’ionnsaigh na tuatha, a‑chum gun tugadh iad dha de thoradh an fhìonlios: ach ghabh an tuath air, agus chuir iad uapa falamh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagas, agus bhuail e Micaiah air a ghiall, agus thubhairt e, Cia an taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa?

Gidheadh thug an Tighearna fianais an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iùdah, leis na fàidhean uile, agus leis an luchd-seallaidh uile, ag ràdh, Tillibh o ur droch shlighean, agus gleidhibh m’àitheantan agus mo reachdan, a rèir an lagha uile a dh’àithn mi dur n‑athraichean, agus a chuir mi dur n‑ionnsaigh lem sheirbhisich na fàidhean.

Uime sin ghlac Hanun seirbhisich Dhaibhidh, agus bheàrr e iad, agus gheàrr e an aodach anns a’ mheadhon, gu ruig am màsan; agus chuir e air falbh iad.

An sin bha fearg air Asa ris an fhear-sheallaidh, agus chuir e ann an taigh-prìosain e, a chionn gu robh e ann an corraich ris a‑thaobh an nì seo. Agus rinn Asa ainneart air cuid den t‑sluagh anns an àm sin.

Gidheadh, bha iad eas-umhail, agus rinn iad ceannairc ad aghaidh, agus thilg iad do lagh air an cùlaibh, agus mharbh iad d’fhàidhean a thug fianais nan aghaidh, a‑chum an tilleadh ad ionnsaigh; agus dh’obraich iad mòran brosnachaidh.

Agus ghiùlain thu leo rè iomadh bliadhna, agus rinn thu fianais nan aghaidh led spiorad le làimh d’fhàidhean: ach chan èisdeadh iad, agus thug thu thairis iad do làimh sluaigh nan tìrean.

Bidh e mar chraoibh suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a‑mach a toradh na h‑aimsir, agus nach caill a duilleach; agus soirbhichidh leis gach nì a nì e.

Gu dìomhain bhuail mi ur clann: cha do ghabh iad cronachadh. Shluig ur claidheamh fhèin ur fàidhean, amhail leòmhann millteach.

An sin bhuail Pasur Ieremiah am fàidh, agus chuir e anns an taigh-smachdachaidh e, a bha aig geata uachdarach Bheniàmin, làimh ri taigh an Tighearna.

Chuir mi dur n‑ionnsaigh mar an ceudna m’uile sheirbhisich na fàidhean, ag èirigh gu moch agus gan cur a mach, ag ràdh, Tillibh a‑nis, gach aon o a dhroch shlighe, agus leasaichibh ur dèanadas, agus na rachaibh air lorg dhiathan eile gu seirbhis a thoirt dhaibh agus gabhaibh còmhnaidh anns an fhearann a thug mise dhuibh, agus dur n‑athraichean: ach cha d’aom sibh ur cluas, cha mhò a thug sibh èisdeachd dhomh.

Cha mhò a their iad nan cridhe, Biodh a‑nis eagal an Tighearna ar Dia oirnn, a tha a’ toirt araon a’ chiad uisge agus an uisge dheireannaich na àm fhèin; seachdainean suidhichte an fhogharaidh tha e a’ gleidheadh air ar son.

A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear ad ionnsaigh: cia minig a b’àill leam do chlann a chruinneachadh, mar a chruinnicheas cearc a h‑àlach fo a sgiathan, agus cha b’àill leibh!

Agus a‑rìs chuir e seirbhiseach eile uaithe; agus ghabh iad airsan mar an ceudna, agus mhaslaich iad e, agus chuir iad uapa falamh e.

An sin thòisich e air a’ chosamhlachd seo a labhairt ris an t‑sluagh: Phlanndaich duine àraidh fìonlios, agus shuidhich e air tuath e; agus chaidh e air choigrich rè aimsir fhada.

Cha sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse, agus dh’òrdaich mi sibh, a‑chum gun rachadh sibh agus gun tugadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh: a‑chum ge bè nì a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm-sa, gun toir e dhuibh e.

Air an adhbhar sin, mo bhràithrean, tha sibhse mar an ceudna marbh don lagh tre chorp Chrìosd; ionnas gum biodh sibh pòsda ri fear eile, eadhon ris-san a thogadh o na mairbh, a‑chum gun tugamaid toradh a‑mach do Dhia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan