Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rug i a ciad-ghin mic, agus phaisg i e ann am brat-spèilidh, agus chuir i na laighe ann am prasaich e; do bhrìgh nach robh àit aca anns an taigh-òsda.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a dh’fhosgail fear dhiubh a shac, a thoirt bìdh da asal anns an taigh-òsda, chunnaic e a airgead; oir, feuch, bha e am beul a shaic.

Agus nuair a thàinig sinn don taigh-òsda, agus a dh’fhosgail sinn ar saic, feuch, bha airgead gach fir am beul a shaic, ar n‑airgead na làn chothrom: agus thug sinn air ais leinn e nar làimh.

Ach is cnuimh mise, agus cha duine; masladh dhaoine, agus tàir an t‑sluaigh.

Agus thàrladh air an t‑slighe anns an taigh-òsda, gun do choinnich an Tighearna e, agus gun d’iarr e a mharbhadh.

Air an adhbhar sin, bheir an Tighearna fhèin comharradh dhuibh; Feuch, bidh òigh torrach, agus beiridh i mac; agus bheir i Imanuel mar ainm air.

Agus cha d’aithnich e i gus an do rug i a ciad-ghin mic; agus thug e Iosa mar ainm air.

Nach e seo mac an t‑saoir? Nach e ainm a mhàthar Muire? Nach iad a bhràithrean Seumas, agus Iòses, agus Sìmon, agus Iùdas?

Agus thubhairt Iosa ris, Tha tuill aig na sionnaich, agus neadan aig eunlaith an adhair; ach chan eil aig Mac an Duine ionad anns an cuir e a cheann fodha.

Agus thàinig e da ionnsaigh, agus cheangail e suas a chreuchdan, a’ dòrtadh ola agus fìona annta, agus chuir e air a ainmhidh fhèin e, agus thug e gu taigh-òsda e, agus ghabh e cùram dheth.

Agus thàrladh, am feadh a bha iad an sin, gun do choileanadh làithean a h‑inbhe, a‑chum i a bhith air a h‑aisead.

Agus bha anns an dùthaich sin buachaillean a’ fantainn a‑muigh, agus a’ dèanamh faire-oidhche air an treud.

Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin Mhic an Athar), làn gràis agus fìrinn.

Oir is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd, ged a bha e saoibhir, gidheadh gun do rinneadh bochd e air ur son-se, a‑chum gum biodh sibhse saoibhir tre a bhochdainn-san.

Ach nuair a thàinig coileanadh na h‑aimsir, chuir Dia a Mhac fhèin uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fon lagh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan