Feuch, cuiridh mise a‑mach mo theachdaire, agus ullaichidh e an t‑slighe romham; agus thig an Tighearna a tha sibh ag iarraidh gu a theampall gu grad; eadhon teachdaire a’ choicheangail, anns a bheil ur tlachd; feuch thig esan, deir Tighearna nan sluagh.
Agus chaidh Iosa a‑steach do theampall Dhè, agus thilg e a‑mach iadsan uile a bha a’ reic agus a’ ceannach anns an teampall, agus thilg e bùird luchd-malairt an airgid thairis, agus cathraichean luchd-reic nan calaman,
Agus nuair a chunnaic iad e, ghlac uamhas iad: agus thubhairt a mhàthair ris, A mhic, carson a rinn thu mar seo oirnn? Feuch, bha d’athair agus mise gu brònach gad iarraidh.
Ach tha agamsa fianais as mò na fianais Eòin: oir na h‑obraichean a thug an t‑Athair dhòmhsa a‑chum gun crìochnaichinn iad, tha na h‑obraichean sin fhèin a tha mise a’ dèanamh a’ toirt fianais mum thimcheall, gun do chuir an t‑Athair uaithe mi.
Agus tha an tì a chuir uaithe mi maille rium: cha d’fhàg an t‑Athair am aonar mi, do bhrìgh gu bheil mi a’ dèanamh a‑ghnàth nan nithean sin as taitneach leis.
Is èiginn dhòmhsa obraichean an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, am feadh is là e: tha an oidhche a’ teachd, nuair nach urrainn aon duine obair a dhèanamh.