Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:48

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic iad e, ghlac uamhas iad: agus thubhairt a mhàthair ris, A mhic, carson a rinn thu mar seo oirnn? Feuch, bha d’athair agus mise gu brònach gad iarraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus air dha a bhith fhathast a’ labhairt ris a’ phoball, feuch, sheas a mhàthair agus a bhràithrean a‑muigh, ag iarraidh labhairt ris.

Agus thubhairt esan riu, Carson a bha sibh gam iarraidh? Nach robh fhios agaibh gum bu chòir dhòmhsa a bhith ann an taigh m’Athar?

Agus thòisich Iosa fhèin air a bhith mu thimcheall deich-bliadhna-fichead a dh’aois, air dha a bhith (a rèir barail dhaoine) na mhac do Iòseph, mac Heli,

Agus thug iad uile fianais dha, agus ghabh iad iongantas ris na briathran gràsmhor a thàinig a‑mach as a bheul. Agus thubhairt iad, Nach e seo mac Iòseiph?

Fhuair Philip Natànael, agus thubhairt e ris, Fhuair sinne an tì mun do sgrìobh Maois anns an lagh, agus na fàidhean, Iosa o Nàsaret, mac Iòseiph.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan