Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:47

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh a’ mhuinntir a chuala e uile iongantas ra thuigse agus ra fhreagraidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Os cionn mo luchd-teagaisg uile tha mi a’ tuigsinn, oir is iad do theisteis mo chùis-smaoineachaidh.

Agus nuair a thàinig e da dhùthaich fhèin, theagaisg e iad nan sionagog, ionnas gun do ghabh iad iongantas, agus gun dubhairt iad, Càit an d’fhuair am fear seo an gliocas seo, agus na feartan seo?

Agus nuair a chuala am poball seo, ghabh iad iongantas ra theagasg-san.

Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa na briathran seo, gun do ghabh am poball iongantas ra theagasg-san:

Agus ghabh iad iongantas ra theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh ùghdarras, agus cha b’ann mar na sgrìobhaichean.

Agus chuala na sgrìobhaichean agus na h‑àrd-shagartan seo, agus dh’iarr iad cionnas a dh’fhaodadh iad esan a mhilleadh: oir bha a eagal-san orra, do bhrìgh gu robh an sluagh uile fo iongantas mòr ra theagasg.

Agus nuair a thàinig an t‑sàbaid, thòisich e air teagasg anns an t‑sionagog: agus air do mhòran a chluinntinn, ghabh iad iongantas, ag ràdh, Cia as a tha na nithean seo aig an fhear seo? Agus ciod e an gliocas seo a thugadh dha, gu bheil a leithid seo de fheartan air an dèanamh le a làmhan?

Agus ghabh gach neach a chuala seo iongantas ris na nithean sin a dh’innseadh dhaibh leis na buachaillean.

Agus thàrladh an dèidh trì làithean gun d’fhuair iad e anns an teampall, na shuidhe am meadhon an luchd-teagaisg, araon gan èisdeachd, agus a’ cur cheist orra.

Agus thug iad uile fianais dha, agus ghabh iad iongantas ris na briathran gràsmhor a thàinig a‑mach as a bheul. Agus thubhairt iad, Nach e seo mac Iòseiph?

Agus ghabh iad iongantas ra theagasg; do bhrìgh gu robh a fhacal le cumhachd.

Agus ghabh na h‑Iùdhaich iongantas, ag ràdh, Cionnas as aithne don duine seo litrichean, agus nach d’fhòghlaim e?

Fhreagair na maoir, Cha do labhair duine riamh mar an duine seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan