Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:46

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh an dèidh trì làithean gun d’fhuair iad e anns an teampall, na shuidhe am meadhon an luchd-teagaisg, araon gan èisdeachd, agus a’ cur cheist orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Uime sin thàinig Ierobòam agus an sluagh uile gu Rehobòam air an treas là, mar a dh’àithn an rìgh, ag ràdh, Thigibh am ionnsaigh a‑rìs air an treas là.

Agus thubhairt e riu, Falbhaibh fhathast gu ceann trì làithean, an sin thigibh a‑rìs am ionnsaigh. Agus dh’fhalbh an sluagh.

Thug an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa teanga nan daoine fòghlaimte, a‑chum gum b’aithne dhomh facal a labhairt ann an deagh àm ris an neach a tha airtnealach; tha e a’ dùsgadh, madainn an dèidh maidne; tha e a’ dùsgadh mo chluaise gu èisdeachd mar a nì fòghlamach.

Oir mar a bha Iònas ann am broinn na muice-mara trì làithean agus trì oidhchean, is ann mar sin a bhios Mac an Duine ann an cridhe na talmhainn trì làithean agus trì oidhchean.

On àm sin a‑mach thòisich Iosa air a nochdadh da dheisciobail gur èiginn dhàsan dol suas gu Ierusalem, agus mòran de nithean fhulang o na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus a bhith air a thogail suas air an treas là.

Agus ghabh a’ mhuinntir a chuala e uile iongantas ra thuigse agus ra fhreagraidhean.

Agus thàrladh air là àraidh, nuair a bha e a’ teagasg, gu robh nan suidhe an sin Pharasaich agus luchd-teagaisg an lagha, a thàinig as gach uile bhaile de Ghalile, agus de Iudèa, agus o Ierusalem: agus bha cumhachd an Tighearna an làthair a‑chum an slànachadh.

Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, A bheil thusa ad fhear-teagaisg Israeil, agus nach aithne dhut na nithean seo?

An sin dh’èirich Pharasach àraidh anns a’ chomhairle, dom b’ainm Gamaliel, fear-teagaisg an lagha, air an robh meas aig an t‑sluagh uile, agus dh’òrdaich e na h‑abstoil a chur a‑mach rè tamaill;

A’ miannachadh a bhith nan luchd-teagaisg an lagha agus gun iad a’ tuigsinn ciod a tha iad ag ràdh, no ciod iad mum bheil iad a’ toirt cinnte.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan