Na nithean seo is cuimhne leam, agus tha mi a’ dòrtadh a‑mach m’anama leam fhèin, oir ghabh mi thairis leis a’ mhòr-chuideachd, chaidh mi leo gu taigh Dhè, le fuaim gàirdeachais agus molaidh, leis a’ chuideachd a bha a’ cumail là fèille.
Agus thèid mòran shlògh, agus their iad, Thigibh, agus rachamaid suas gu sliabh an Tighearna, gu taigh Dhè Iàcoib; agus teagaisgidh e sinn ma shlighean, agus imichidh sinn na cheuman; oir o Shion thèid an lagh a‑mach, agus facal an Tighearna o Ierusalem.
Agus air coileanadh nan làithean sin dhaibh, nuair a thill iadsan, dh’fhan an leanabh Iosa nan dèidh ann an Ierusalem; agus cha robh fhios aig Iòseph no aig a mhàthair air a sin.