Agus air coileanadh nan làithean sin dhaibh, nuair a thill iadsan, dh’fhan an leanabh Iosa nan dèidh ann an Ierusalem; agus cha robh fhios aig Iòseph no aig a mhàthair air a sin.
An sin ghabh Amasiah rìgh Iùdah comhairle, agus chuir e teachdairean a dh’ionnsaigh Iòais, mhic Iehoahais, mhic Iehu rìgh Israeil, ag ràdh, Thig, faiceamaid aghaidh a chèile.
Seachd làithean ithidh sibh aran neo-ghortaichte; air a’ chiad là fhèin cuiridh sibh taois ghoirt a‑mach as ur taighean; oir gach neach a dh’itheas aran gortaichte, on chiad là gus an seachdamh là, gearrar an t‑anam sin as o Israel.