Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:42

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha e dà‑bhliadhna-dheug a dh’aois, chaidh iad suas gu Ierusalem, a rèir gnàth na fèille.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Trì uairean anns a’ bhliadhna nochdar gach fireann agad an làthair an Tighearna Dia.

Agus chaidh a phàrantan gach bliadhna gu Ierusalem, aig fèill na càisge.

Agus air coileanadh nan làithean sin dhaibh, nuair a thill iadsan, dh’fhan an leanabh Iosa nan dèidh ann an Ierusalem; agus cha robh fhios aig Iòseph no aig a mhàthair air a sin.

Agus thàinig e gu Nàsaret, far an d’àraicheadh e: agus chaidh e a‑steach, mar a bu ghnàth leis, air là na sàbaid don t‑sionagog, agus dh’èirich e na sheasamh a‑chum leughaidh.

Uime sin, nuair a thàinig e do Ghalile, ghabh na Galilèaich ris, air dhaibh na nithean sin uile fhaicinn a rinn e ann an Ierusalem air an fhèill: oir chaidh iadsan mar an ceudna a‑chum na fèille.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan