Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:38

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air teachd dhise a‑steach anns an uair sin fhèin, thug i moladh don Tighearna, agus labhair i ma thimcheall riùsan uile aig an robh sùil ri saorsa ann an Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Thàinig Iòseph o Arimatèa, comhairleach urramach, aig an robh, mar an ceudna, sùil ri rìoghachd Dhè, agus chaidh e a‑steach gu dàn a dh’ionnsaigh Philait, agus dh’iarr e corp Iosa.

Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball,

Agus, feuch, bha duine ann an Ierusalem dom b’ainm Simeon; agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, agus bha dùil aige ri sòlas Israeil: agus bha an Spiorad Naomh air.

Agus bha Anna, ban-fhàidh, nighean Phanueil, de threubh Aseir; bha i ro‑aosmhor, agus chaith i seachd bliadhna maille ri a fear o àm dhi a bhith na h‑òighe:

(Cha d’aontaich an duine seo len comhairle no len gnìomh;) o Arimatèa, baile leis na h‑Iùdhaich; neach mar an ceudna aig an robh sùil ri rìoghachd Dhè.

Ach bha dùil againne gum b’esan an tì a bha gu Israel a shaoradh; agus a thuilleadh air seo uile, is e an‑diugh an treas là o rinneadh na nithean seo.

Buidheachas do Dhia airson a thìodhlaic do‑labhairt.

Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan