Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:37

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bu bhantrach i mu thimcheall ceithir bliadhna agus ceithir-fichead a dh’aois nach deachaidh on teampall, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche le trasg agus le ùrnaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

O mo Dhia, gairmidh mi anns an là, ach cha fhreagair thu, agus anns an oidhche, ach chan eil fois agam.

Gu cinnteach leanaidh math agus tròcair mi uile làithean mo bheatha; agus còmhnaichidh mi ann an taigh an Tighearna fad mo làithean.

Aon nì ghuidh mi air an Tighearna, sin iarraidh mi, a bhith am chòmhnaidh ann an taigh an Tighearna rè uile làithean mo bheatha, a‑chum gum faicinn maise an Tighearna, agus gum fiosraichinn na theampall;

Oir is fheàrr là ad chùirtean na mìle; b’fheàrr leam a bhith ri dorsaireachd ann an taigh mo Dhè na a bhith am chòmhnaidh ann am pàilleanan aingidheachd;

Is beannaichte iadsan a tha nan còmhnaidh ad thaigh-sa; molaidh iad thu a‑ghnàth. Selah.

Iadsan a shuidhichear ann an taigh an Tighearna, ann an cùirtean ar Dè‑ne thig iad fo bhlàth;

Agus rinn e an soitheach-ionnlaid de umha, agus a chas de umha, de sgàthanan nam ban, a chruinnich nam buidhnean aig doras pàillean a’ choitheanail.

Agus thubhairt iadsan ris, Carson a tha deisciobail Eòin gu tric ri trasgadh, agus a’ dèanamh ùrnaigh, agus mar an ceudna deisciobail nam Pharasach; ach tha do dheisciobail-sa ag ithe agus ag òl?

An sin air dhaibh trasgadh, agus ùrnaigh a dhèanamh, agus an làmhan a chur orra, leig iad uapa iad.

Agus nuair a dh’òrdaich iad seanairean dhaibh anns gach eaglais, agus a rinn iad ùrnaigh maille ri trasgadh, dh’earb iad iad ris an Tighearna, anns an do chreid iad.

A‑chum a bheil dùil aig ar dà‑threubh-dheug-ne teachd, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche a‑ghnàth; agus airson an dòchais seo tha mise, a rìgh Agripa, air m’agairt leis na h‑Iùdhaich.

A‑nis cuiridh ise a tha na bantraich dha-rìribh, agus air a fàgail na h‑aonar, a dòchas ann an Dia, agus buanaichidh i a là agus a dh’oidhche ann an athchuingean, agus ann an ùrnaighean.

An tì a bheir buaidh, nì mi e na phost ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e nas mò a‑mach as: agus sgrìobhaidh mi ainm mo Dhè air, agus ainm cathair mo Dhè, as i Ierusalem nuadh, a thig a‑nuas o nèamh om Dhia: agus sgrìobhaidh mi m’ainm nuadh fhèin air.

Uime sin tha iad an làthair rìgh-chathair Dhè, agus a’ dèanamh adhraidh dha a là agus a dh’oidhche na theampall: agus gabhaidh an Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathair còmhnaidh nam measg.

Chan eil neach air bith naomh mar an Tighearna; oir chan eil neach ann ach thu, agus chan eil carraig ann mar ar Dia-ne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan