Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha Anna, ban-fhàidh, nighean Phanueil, de threubh Aseir; bha i ro‑aosmhor, agus chaith i seachd bliadhna maille ri a fear o àm dhi a bhith na h‑òighe:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Lèah, Is sona mi, oir goiridh na nigheanan mise beannaichte: agus thug i Aser mar ainm air.

Uime sin chaidh Hilciah an sagart, agus Ahicam, agus Achbor, agus Saphan, agus Asahiah, a dh’ionnsaigh Huldah a’ bhan-fhàidh, bean Shaluim mhic Thicbhah, mhic Harhais, fear-gleidhidh an aodaich (a‑nis bha i a chòmhnaidh ann an Ierusalem anns an oilthaigh), agus labhair iad rithe.

Thig thu ann an làn aois a‑chum na h‑uaighe, mar a chuirear suas cruach arbhair na h‑àm.

Fhathast nan seann aois bheir iad a‑mach toradh; sultmhor agus ùr bidh iad,

Agus ghlac Miriam a’ bhan-fhàidh, piuthar Aaroin, tiompan na làimh; agus chaidh na mnathan uile a‑mach na dèidh le tiompanan agus le dannsa.

Mar an ceudna, thusa a mhic an duine, cuir d’aodann an aghaidh nigheanan do shluaigh, a tha ri fàistneachd as an cridhe fhèin, agus dèan-sa fàistneachd nan aghaidh.

Agus thèid claidheamh tro d’anam-sa fhèin a‑chum gum foillsichear smuaintean cridheachan mhòran.

Agus air teachd dhise a‑steach anns an uair sin fhèin, thug i moladh don Tighearna, agus labhair i ma thimcheall riùsan uile aig an robh sùil ri saorsa ann an Ierusalem.

Agus dòirtidh mise air m’òglaich, agus air mo bhanoglaich, dem Spiorad anns na làithean sin; agus nì iad fàidheadaireachd:

Agus bha ceathrar nighean aigesan, òighean, a bha ri fàidheadaireachd.

Ach gach bean a tha a’ dèanamh ùrnaigh no fàidheadaireachd gun chòmhdach air a ceann, tha i a’ toirt eas-urraim da ceann: oir is ionnan sin agus ged bhiodh i air a bearradh.

A‑nis a‑thaobh thìodhlacan spioradail, a bhràithrean, chan àill leam sibh a bhith aineolach.

Uime sin is còir do easbaig a bhith neo-lochdach, na fhear aon mhnà, faireil, ciallach, deagh-bheusach, fialaidh, ealamh gu teagasg;

Na gabhar bantrach anns an àireamh a bhios fo thrì-fichead bliadhna a dh’aois, a bha na mnaoi aon duine,

Agus thàinig an còigeamh crannchur a‑mach do threubh chloinn Aseir, a rèir an teaghlaichean.

De threubh Aseir sheulaicheadh dà‑mhìle-dheug. De threubh Nephtalim sheulaicheadh dà‑mhìle-dheug. De threubh Mhanaseis sheulaicheadh dà‑mhìle-dheug.

Agus thug Deborah, ban-fhàidh, bean Lapidoit, breith air Israel anns an àm sin.

Agus bha dithis bhan aige: ainm mnà dhiubh Hanah, agus ainm na mnà eile Peninah. Agus aig Peninah bha clann, ach aig Hanah cha robh clann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan