Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thèid claidheamh tro d’anam-sa fhèin a‑chum gum foillsichear smuaintean cridheachan mhòran.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Mar chlaidheamh am chnàmhan, tha mo naimhdean a’ toirt maslaidh dhomh nuair a their iad rium gach là, Càit a bheil do Dhia?

Agus bheannaich Simeon iad, agus thubhairt e ri Muire a mhàthair, Feuch, chuireadh an leanabh seo a‑chum tuiteam agus aiseirigh mhòran ann an Israel, agus na chomharradh an aghaidh an labhrar:

Agus bha Anna, ban-fhàidh, nighean Phanueil, de threubh Aseir; bha i ro‑aosmhor, agus chaith i seachd bliadhna maille ri a fear o àm dhi a bhith na h‑òighe:

A‑nis sheas làimh ri crann-ceusaidh Iosa, a mhàthair, agus piuthar a mhàthar, Muire bean Chleophais, agus Muire Magdalen.

Oir is èiginn saobh-chreideamh a bhith nur measg, a‑chum gun dèanar follaiseach an dream a tha dearbhte nur measg.

Agus cuimhnichidh tu an t‑slighe sin uile air an do threòraich an Tighearna do Dhia thu rè an dà‑fhichead bliadhna seo anns an fhàsach, gud irioslachadh, gud dhearbhadh, a‑chum gum biodh fios ciod a bha ann ad chridhe, an gleidheadh tu a àitheantan, no nach gleidheadh.

Chaidh iad a‑mach uainn, ach cha robh iad dhinn: oir nam biodh iad dhinn, gu deimhinn dh’fhanadh iad maille rinn: ach chaidh iad a‑mach, a‑chum gun dèante follaiseach iad, nach robh iad uile dhinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan