Agus bheannaich Simeon iad, agus thubhairt e ri Muire a mhàthair, Feuch, chuireadh an leanabh seo a‑chum tuiteam agus aiseirigh mhòran ann an Israel, agus na chomharradh an aghaidh an labhrar:
Feuch, tha mise agus a’ chlann a thug an Tighearna dhomh nar comharraidhean agus nar n‑iongantasan ann an Israel, o Thighearna nan sluagh a tha na chòmhnaidh ann an sliabh Shioin.
Cò a tha glic, agus tuigidh esan na nithean seo? Crìonna, agus aithnichidh e iad? Oir tha slighean an Tighearna ceart, agus gluaisidh na fìreanan annta: ach gheibh na ciontaich tuisleadh annta.
Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl, agus tha iad ag ràdh, Feuch, duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach: ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn.
Oir gach neach a tha a’ dèanamh uilc, tha e a’ toirt fuatha don t‑solas, agus chan eil e a’ teachd a‑chum an t‑solais, air eagal gum biodh a obraichean air an cronachadh.
Uime sin bu mhò a dh’iarr na h‑Iùdhaich a mharbhadh, a chionn nach e a‑mhàin gun do bhris e an t‑sàbaid, ach gun dubhairt e mar an ceudna gum b’e Dia a Athair-san, ga dhèanamh fhèin co‑ionann ri Dia.
Ach nuair a chunnaic na h‑Iùdhaich na slòigh, lìonadh iad le eud, agus labhair iad an aghaidh nan nithean sin a labhradh le Pòl, a’ labhairt nan aghaidh agus a’ tabhairt toibheim.
Agus nuair nach d’fhuair iad iad, tharraing iad Iàson agus bràithrean àraidh a‑chum uachdarain a’ bhaile, ag èigheach, Tha na daoine seo, a chuir an saoghal bun-os‑cionn, air teachd an seo mar an ceudna:
Oir fhuair sinn am fear seo na phlàigh, agus a’ dùsgadh nan Iùdhach uile gu ceannairc air feadh an domhain, agus na cheann-feadhna do luchd saobh-chreideamh nan Nàsarènach.
Ach bu mhath leinn a chluinntinn uatsa ciod i do bharail: oir mu thimcheall a’ ghnè chreidimh seo tha fhios againn gun labhrar anns gach àite na h‑aghaidh.
Agus dh’fhàs facal Dhè; agus mheudaicheadh àireamh nan deisciobal gu ro‑mhòr ann an Ierusalem; agus bha cuideachd mhòr de na sagartan umhail don chreideamh.
Ma mhaslaichear sibh airson ainm Chrìosd, is sona sibh; oir tha Spiorad na glòire agus Dhè a’ gabhail còmhnaidh oirbh; dan taobh-san gu deimhinn tha e a’ faotainn toibheim, ach dur taobh-se tha e air a ghlòrachadh.
Agus bheannaich Eli Elcanah agus a bhean, agus thubhairt e, Gun tugadh an Tighearna dhut sliochd on mhnaoi seo, airson an tìodhlaic a thug i seachad don Tighearna. Agus chaidh iad dan àite fhèin.