Oir chunnaic mo shùilean do shlàinte,
Rid shlàinte dh’fheith mise, O Thighearna.
Dh’fheith mi rid shlàinte, a Thighearna, agus choilean mi d’àitheantan.
Bha mi an geall air do shlàinte, a Thighearna, agus is e do lagh mo thlachd.
Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.
Leig an Tighearna ris a ghàirdean naomh ann an sùilean nan uile chinneach; agus chì uile iomallan na talmhainn slàinte ar Dè‑ne.
A dh’ullaich thu ro ghnùis nan uile shluagh:
Agus chì gach uile fheòil slàinte Dhè.
Uime sin biodh fhios agaibhse gun do chuireadh slàinte Dhè a‑chum nan Cinneach agus èisdidh iadsan.