Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh iad uile a‑chum a bhith air am meas, gach aon fa leth da bhaile fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus bha Ephron na chòmhnaidh am measg clann Het. Agus fhreagair Ephron an t‑Hiteach Abrahàm ann an èisdeachd clann Het, eadhon gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile-san, ag ràdh,

Agus thàrladh anns na làithean sin gun deachaidh òrdagh a‑mach o Chèasar Augustus an domhan uile a mheas.

(Agus rinneadh an ciad mheas seo nuair a bha Cirenius na uachdaran air Siria.)

Agus chaidh Iòseph mar an ceudna suas o Ghalile, à baile Nàsaret, do Iudèa, gu baile Dhaibhidh, den gairmear Betlehem, do bhrìgh gu robh e de thaigh agus de shliochd Dhaibhidh,

A‑chum gum biodh e air a mheas maille ri Muire a bha fo cheangal-pòsaidh dha, agus i mòr-thorrach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan