Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig e le treòrachadh an Spioraid don teampall. Agus nuair a thug na pàrantan an leanabh Iosa a‑steach, a‑chum gun dèanadh iad air a shon a rèir gnàthachadh an lagha,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh mi dearbhadh a’ cheannaich, e sin anns an robh an gnothach agus na cùmhnantan seulaichte, agus e sin a bha fosgailte.

An sin threòraicheadh Iosa leis an Spiorad don fhàsach, a‑chum gum biodh e air a bhuaireadh leis an diabhal.

Agus nuair a choileanadh làithean a glanaidh, a rèir lagh Mhaois, thug iad esan gu Ierusalem, a‑chum a thaisbeanadh don Tighearna;

An sin ghlac esan na uchd e, agus bheannaich e Dia, agus thubhairt e:

Agus chaidh a phàrantan gach bliadhna gu Ierusalem, aig fèill na càisge.

Agus nuair a chunnaic iad e, ghlac uamhas iad: agus thubhairt a mhàthair ris, A mhic, carson a rinn thu mar seo oirnn? Feuch, bha d’athair agus mise gu brònach gad iarraidh.

Agus chaidh e sìos maille riu, agus thàinig e gu Nàsaret, agus bha e umhail dhaibh: ach ghlèidh a mhàthair na nithean sin uile na cridhe.

Agus air do Iosa a bhith làn den Spiorad Naomh, thill e air ais o Iòrdan, agus threòraicheadh e leis an Spiorad don fhàsach,

Am feadh a bha Peadar a’ smaoineachadh air an t‑sealladh, thubhairt an Spiorad ris, Feuch, tha triùir dhaoine gad iarraidh.

Agus thubhairt an Spiorad rium dol maille riu, gun amharas air bith a bhith orm. Agus chaidh mar an ceudna an t‑sianar bhràithrean seo maille rium, agus chaidh sinn a‑steach do thaigh an duine:

An dèidh dhaibh teachd gu Misia, dh’fheuch iad ri dol gu Bitinia: ach cha do leig an Spiorad leo.

An sin thubhairt an Spiorad ri Philip, Imich am fagas, agus druid ris a’ charbad seo.

Ach nuair a thàinig coileanadh na h‑aimsir, chuir Dia a Mhac fhèin uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fon lagh,

Bha mi anns an Spiorad air là an Tighearna, agus chuala mi air mo chùlaibh guth mòr, mar ghuth trompaid,

Agus thug e leis mi anns an spiorad don fhàsach: agus chunnaic mi bean na suidhe air fiadh-bheathach air dhath sgàrlaid, làn de ainmean toibheim, air an robh seachd cinn agus deich adhaircean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan