Agus, feuch, bha duine ann an Ierusalem dom b’ainm Simeon; agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, agus bha dùil aige ri sòlas Israeil: agus bha an Spiorad Naomh air.
Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, An tug thu fa‑near m’òglach Iob, nach eil neach ann cosmhail ris air an talamh, duine coileanta agus dìreach, air a bheil eagal Dhè, agus a’ seachnadh uilc?
Agus anns an là sin theirear, Feuch, is e seo ar Dia-ne; dh’fheith sinn ris, agus thèarainn e sinn; is e seo an Tighearna, dh’fheith sinn ris, nì sinn gàirdeachas agus uaill na shlàinte.
Dh’fheuch e dhut, O dhuine, ciod a tha math; agus ciod a tha an Tighearna ag iarraidh ort, ach ceartas a dhèanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus gluasad gu h‑iriosal maille rid Dhia?
Agus thàinig an Tighearna a‑nuas ann an neul, agus labhair e ris, agus ghabh e den spiorad a bha air, agus thug e e don deich agus an trì-fichead seanair: agus thàrladh, nuair a ghabh an spiorad còmhnaidh orra, gun do rinn iad fàidheadaireachd, agus nach do sguir iad.
Agus thubhairt Maois ris, A bheil farmad ort air mo shon-sa? Is e mo ghuidhe ri Dia gum biodh sluagh an Tighearna uile nam fàidhean, agus gun cuireadh an Tighearna a spiorad orra!
Thàinig Iòseph o Arimatèa, comhairleach urramach, aig an robh, mar an ceudna, sùil ri rìoghachd Dhè, agus chaidh e a‑steach gu dàn a dh’ionnsaigh Philait, agus dh’iarr e corp Iosa.
Agus air teachd dhise a‑steach anns an uair sin fhèin, thug i moladh don Tighearna, agus labhair i ma thimcheall riùsan uile aig an robh sùil ri saorsa ann an Ierusalem.
(Cha d’aontaich an duine seo len comhairle no len gnìomh;) o Arimatèa, baile leis na h‑Iùdhaich; neach mar an ceudna aig an robh sùil ri rìoghachd Dhè.
Agus thubhairt iadsan, Fhuair Cornelius an ceannard-ceud, duine cothromach air a bheil eagal Dhè, agus fo dheagh ainm aig cinneach nan Iùdhach uile, rabhabh o Dhia le aingeal naomh, fios a chur ortsa da thaigh, agus briathran a chluinntinn uat.