Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma dh’fhàsas bean torrach, agus gum beir i mac, an sin bidh i neòghlan seachd làithean; a rèir làithean a dealachaidh airson a h‑anfhainneachd bidh i neòghlan.
Ach mura urrainn e dà thurtar, no dà chalaman òg a thoirt leis, an sin bheir esan a pheacaich leis, mar a thabhartas, an deicheamh cuid de ephah de fhlùr min, mar thabhartas-peacaidh: cha chuir e ola air, cha mhò a chuireas e tùis air, oir is tabhartas-peacaidh e.
Oir is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd, ged a bha e saoibhir, gidheadh gun do rinneadh bochd e air ur son-se, a‑chum gum biodh sibhse saoibhir tre a bhochdainn-san.