Gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù de gach feòil, a bheir iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, mas ann de dhuine, no de ainmhidh, bidh e leatsa: gidheadh gu cinnteach fuasglaidh tu ciad-ghin duine, agus ciad-ghin an ainmhidh neòghlain fuasglaidh tu.
A chionn gur leamsa gach uile chiad-ghin; oir air an là anns an do bhuail mi gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, naomhaich mi dhomh fhèin gach ciad-ghin ann an Israeil, eadar dhuine agus ainmhidh; is leamsa iad: Is mise an Tighearna.