Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a choileanadh ochd làithean a‑chum an leanabh a thimcheall-ghearradh, thugadh IOSA mar ainm air, eadhon an t‑ainm a ghairm an t‑aingeal dheth mun do ghabhadh anns a’ bhroinn e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus am mac nur measg a bhios ochd làithean a dh’aois, timcheall-ghearrar e, gach leanabh mic nur ginealaichean, esan a bheirear anns an taigh, no a cheannaichear le airgead o choigreach air bith, nach eil ded shliochd-sa.

Agus air an ochdamh là timcheall-ghearrar feòil a ro‑chraicinn-san.

Agus beiridh i mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air; oir saoraidh e a shluagh fhèin om peacaidhean.

Agus cha d’aithnich e i gus an do rug i a ciad-ghin mic; agus thug e Iosa mar ainm air.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Leig don chùis a bhith mar seo a‑nis: oir mar seo is iomchaidh dhuinn gach uile fhìreantachd a choileanadh. An sin dh’fhuiling e dha.

Agus, feuch, gabhaidh tu ad bhroinn, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air.

Agus thàrladh air an ochdamh là gun tàinig iad a thimcheall-ghearradh an naoidhein; agus ghairm iad Sacharias dheth a rèir ainm a athar.

Agus air dha a bhith air fhaghail ann an cruth mar dhuine, dh’irioslaich e e fhèin, agus bha e umhail gu bàs, eadhon bàs a’ chroinn-cheusaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan