Agus thill na buachaillean, a’ tabhairt glòire agus molaidh do Dhia airson nan nithean sin uile a chuala agus a chunnaic iad, a rèir mar a labhradh riu.
Agus shearmonaich e, ag ràdh, Tha neach a’ teachd am dhèidh as cumhachdaiche na mise, neach nach airidh mise air cromadh sìos agus barr-iall a bhròg fhuasgladh.
Agus nuair a chuala iad na nithean seo, thosd iad, agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Thug Dia mas eadh mar an ceudna do na Cinnich aithreachas a‑chum na beatha.