Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach ghlèidh Muire na nithean sin uile, a’ beachd-smaoineachadh orra na cridhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus bha farmad aig a bhràithrean ris; ach thug a athair fa‑near a’ chainnt.

Am chridhe dh’fhalaich mi d’fhacal, a‑chum nach peacaichinn ad aghaidh.

Theagaisg e mi mar an ceudna, agus thubhairt e rium, Gleidheadh do chridhe mo bhriathran; coimhead m’àitheantan agus mair beò.

An seo bha crìoch na cùise. Air mo shon-sa Daniel, rinn mo smuaintean gu ro‑mhòr mo bhuaireadh, agus dh’atharraich mo ghnùis annam; ach ghlèidh mi a’ chùis ann am chridhe.

Cò a tha glic, agus tuigidh esan na nithean seo? Crìonna, agus aithnichidh e iad? Oir tha slighean an Tighearna ceart, agus gluaisidh na fìreanan annta: ach gheibh na ciontaich tuisleadh annta.

Agus iadsan uile a chuala na nithean sin, thaisg iad nan cridhe iad, ag ràdh, Ciod a’ ghnè leinibh a bhios an seo? Agus bha làmh an Tighearna maille ris.

Agus ghabh gach neach a chuala seo iongantas ris na nithean sin a dh’innseadh dhaibh leis na buachaillean.

Agus chaidh e sìos maille riu, agus thàinig e gu Nàsaret, agus bha e umhail dhaibh: ach ghlèidh a mhàthair na nithean sin uile na cridhe.

Agus thaisg Daibhidh suas na briathran sin na chridhe, agus bha eagal mòr air ro Achis rìgh Ghat.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan