Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh gach neach a chuala seo iongantas ris na nithean sin a dh’innseadh dhaibh leis na buachaillean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Feuch, tha mise agus a’ chlann a thug an Tighearna dhomh nar comharraidhean agus nar n‑iongantasan ann an Israel, o Thighearna nan sluagh a tha na chòmhnaidh ann an sliabh Shioin.

Agus nuair a chunnaic iad sin, dh’aithris iad an nì a dh’innseadh dhaibh mu thimcheall an leinibh seo.

Ach ghlèidh Muire na nithean sin uile, a’ beachd-smaoineachadh orra na cridhe.

Agus ghabh Iòseph agus a mhàthair iongantas mu na nithean a labhradh uime.

Agus ghabh a’ mhuinntir a chuala e uile iongantas ra thuigse agus ra fhreagraidhean.

Agus thàinig uamhas orra uile, agus labhair iad ri chèile, ag ràdh, Ciod a’ ghnè cainnte seo? Oir le ùghdarras agus cumhachd tha e a’ toirt òrdaigh do na spioradan neòghlan, agus tha iad a’ teachd a‑mach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan