Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic iad sin, dh’aithris iad an nì a dh’innseadh dhaibh mu thimcheall an leinibh seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Thigibh, èisdibh, sibhse uile air a bheil eagal Dhè, agus cuiridh mi an cèill na rinn e airson m’anama.

An sin labhair iadsan air an robh eagal an Tighearna, gach aon gu tric ri chèile; agus dh’èisd an Tighearna, agus chuala e, agus bha leabhar-cuimhne air a sgrìobhadh na làthair airson na muinntir air an robh eagal an Tighearna, agus a smaoinich air ainm.

Agus thàinig iad gu grad, agus fhuair iad Muire agus Iòseph, agus an leanabh na laighe anns a’ phrasaich.

Agus ghabh gach neach a chuala seo iongantas ris na nithean sin a dh’innseadh dhaibh leis na buachaillean.

Agus air teachd dhise a‑steach anns an uair sin fhèin, thug i moladh don Tighearna, agus labhair i ma thimcheall riùsan uile aig an robh sùil ri saorsa ann an Ierusalem.

Till dod thaigh fhèin, agus cuir an cèill meud nan nithean a rinn Dia dhut. Agus dh’imich e roimhe, ag innse gu follaiseach, air feadh a’ bhaile uile, meud nan nithean a rinn Iosa dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan