Carson a dh’èirich rìghrean na talmhainn, agus a ghabh na h‑uachdarain comhairle le chèile an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Aoin ungte-san, ag ràdh,
Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.
Agus chaidh Iòseph mar an ceudna suas o Ghalile, à baile Nàsaret, do Iudèa, gu baile Dhaibhidh, den gairmear Betlehem, do bhrìgh gu robh e de thaigh agus de shliochd Dhaibhidh,
Agus thubhairt iad ris a’ mhnaoi, Tha sinn a’ creidsinn chan ann à seo suas airson do chòmhraidh-sa: oir chuala sinn fhèin e, agus tha fhios againn gur e seo da‑rìribh Crìosd, Slànaighear an t‑saoghail.
Gam fosgladh agus a’ dearbhadh gum b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh a‑rìs o na mairbh: agus gur e an t‑Iosa seo a tha mise a’ searmonachadh dhuibh, Crìosd.
Seadh gun amharas, agus tha mi a’ meas nan uile nithean nan call, airson ro‑òirdheirceas eòlas Iosa Crìosd mo Thighearna: airson an d’fhuiling mi call nan uile nithean, agus tha mi a’ meas gur aolach iad a‑chum gun cosnainn Crìosd.
Ge bè neach a chreideas gur e Iosa an Crìosd, ghineadh o Dhia e; agus ge bè a ghràdhaicheas an tì a ghin, gràdhaichidh e mar an ceudna an tì a ghineadh leis.