Agus beannaichidh mi iadsan a bheannaicheas thu, agus iadsan a mhallaicheas thu mallaichidh mi; agus annadsa beannaichear uile theaghlaichean na talmhainn.
O thusa a tha a’ tabhairt deagh sgeòil do Shion, gabh suas gu sliabh àrd; O thusa a tha a’ tabhairt deagh sgeòil do Ierusalem, tog do ghuth le neart; tog e, na biodh eagal ort; abair ri bailtean Iùdah, Feuch, ur Dia!
Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.
Cia maiseach air na slèibhtean casan an teachdaire aoibhinn a tha ag èigheach sìthe; teachdaire an deagh sgeòil, a tha ag èigheach slàinte, a tha ag ràdh ri Sion, Is e do Dhia as rìgh ann!
Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte;
Agus thubhairt e, O dhuine ro‑ionmhainn, na biodh eagal ort; sìth dhut, bi làidir, seadh bi làidir. Agus nuair a labhair e rium, neartaicheadh mi, agus thubhairt mi, Labhradh mo thighearna; oir rinn thu mo neartachadh.
Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.
Ach fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris na mnathan, Na biodh eagal oirbhse: oir tha fhios agam gu bheil sibh ag iarraidh Iosa, a chaidh a cheusadh.
Ach thubhairt an t‑aingeal ris, Na gabh eagal, a Shachariais; oir fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus beiridh do bhean Elisabet mac dhut, agus bheir thu Eòin mar ainm air.
Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris, Is mise Gabriel a sheasas an làthair Dhè; agus chuireadh mi a labhairt riutsa, agus a dh’innse na naidheachd mhaith seo dhut.
Agus thàrladh an dèidh sin, gun d’imich esan tro gach cathair agus baile, a’ searmonachadh agus a’ cur an cèill soisgeul rìoghachd Dhè, agus an dà‑fhear-dheug maille ris;
Agus cionnas a nì iad searmoin, mura cuirear iad? Mar a tha e sgrìobhte, Cia sgiamhach casan na muinntir sin a tha a’ searmonachadh soisgeul na sìthe, a tha a’ toirt sgeòil aoibhnich air nithean matha!
Dhòmhsa, as lugha na an tì as lugha de na naoimh uile, thugadh an gràs seo, saoibhreas Chrìosd, nach faodar a rannsachadh, a shearmonachadh am measg nan Cinneach;
Ma dh’fhanas sibh anns a’ chreideamh bunaiteach agus daingeann, gun a bhith air ur n‑atharrachadh o dhòchas an t‑soisgeil, a chuala sibh, agus a shearmonaicheadh do gach uile chreutair a tha fo nèamh; air an do rinneadh mise Pòl am mhinistear.