Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 2:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh anns na làithean sin gun deachaidh òrdagh a‑mach o Chèasar Augustus an domhan uile a mheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus chuir an rìgh Ahasuerus cìs air an tìr, agus air eileanan na mara.

Uime sin innis dhuinne do bharail, A bheil e ceadaichte cìs a thabhairt do Chèasar, no nach eil?

Agus bidh soisgeul seo na rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an domhain uile, mar fhianais do na h‑uile chinnich: agus an sin thig a’ chrìoch.

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè earrann air bith, air feadh an domhain uile, anns am bi an soisgeul seo air a shearmonachadh, bidh mar an ceudna an nì seo a rinn i air innse mar chuimhne oirre.

Agus thubhairt e riu, Imichibh air feadh an t‑saoghail uile, agus searmonaichibh an soisgeul do gach dùil.

Agus chaidh iad uile a‑chum a bhith air am meas, gach aon fa leth da bhaile fhèin.

A‑chum gum biodh e air a mheas maille ri Muire a bha fo cheangal-pòsaidh dha, agus i mòr-thorrach.

A‑nis anns a’ chòigeamh-bliadhna-deug de ìmpireachd Thiberiuis Chèasair, air bhith do Phontias Pilat na uachdaran air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air Iturèa agus dùthaich Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene,

Agus air seasamh suas do aon dhiubh dom b’ainm Agabus, dh’fhoillsich e tron Spiorad gum biodh gorta mhòr air feadh an domhain uile: nì mar an ceudna a thachair ri linn Chlaudiuis Chèasair.

Oir ma tha mi a’ dèanamh eucoir, agus ma rinn mi nì sam bith a thoill bàs, chan eil mi a’ diùltadh bàs fhulang: ach mura eil nì sam bith dhiubh sin fìor a tha iad seo a’ cur as mo leth, chan fhaod duine sam bith mo thoirt thairis dhaibh. Tha mi a’ togail mo chùis gu Cèasar.

Ach nuair a dh’iarr Pòl a bhith air a choimhead gus am fiosraichte a chùis le Augustus, dh’àithn mi e a bhith air a ghleidheadh gus an cuirinn gu Cèasar e.

Air tùs, tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia tre Iosa Crìosd air ur son-se uile, do bhrìgh gu bheil ur creideamh iomraiteach air feadh an domhain gu lèir.

Tha na naoimh uile a’ cur fàilte oirbh, gu h‑àraidh iadsan a tha de theaghlach Chèasair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan