Tha thu a’ teachd an còdhail an tì a tha a’ gabhail tlachd ann an ceartas a dhèanamh; a’ mhuinntir a tha cuimhneach ortsa ann ad shlighean: feuch, tha corraich ort, oir pheacaich sinne; eadhon riùsan o shean, ach tha sinn air ar tèarnadh;
Agus nuair a thàinig Iosa a‑chum an àite sin, air dha amharc suas, chunnaic e e, agus thubhairt e ris, A Shachèuis, thig a‑nuas gu grad; oir is èiginn dhòmhsa stad an‑diugh aig do thaigh.
Agus nuair a bhaisteadh i, agus a teaghlach, ghuidh i oirnn, ag ràdh, Ma mheas sibh mise a bhith dìleas don Tighearna, thigibh a‑steach dom thaigh, agus dèanaibh còmhnaidh ann. Agus cho-èignich i sinn.