Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 19:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig Iosa a‑chum an àite sin, air dha amharc suas, chunnaic e e, agus thubhairt e ris, A Shachèuis, thig a‑nuas gu grad; oir is èiginn dhòmhsa stad an‑diugh aig do thaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.

Agus an tràth a ghabh mise seachad dlùth dhut, agus a chunnaic mi thu salach ann ad fhuil fhèin, thubhairt mi riut, agus thu ann ad fhuil, Mair beò; seadh, thubhairt mi riut, agus thu ann ad fhuil, Mair beò.

Oir thàinig Mac an Duine a shireadh agus a thèarnadh an nì sin a bha caillte.

Agus, feuch, bha duine ann dom b’ainm Sachèus, agus b’àrd chìs-mhaor esan, agus bha e saoibhir:

Agus ruith e roimhe, agus streap e suas ann an craoibh shicamoir, a‑chum gum faiceadh e e; oir bha e gus an t‑slighe sin a ghabhail.

Agus thàinig e a‑nuas le cabhaig, agus ghabh e ris gu subhach.

Thubhairt Natànael ris, Cionnas as aithne dhut mi? Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Mun do ghairm Philip thu, nuair a bha thu fon chrann-fhìge, chunnaic mise thu.

Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimheadaidh e m’fhacal: agus gràdhaichidh m’Athair esan, agus thig sinn da ionnsaigh, agus nì sinn còmhnaidh maille ris.

Uime sin tha sinne, mar cho-obraichean leis-san, a’ guidhe oirbh, gun sibh a ghabhail gràs Dhè gu dìomhain:

Ionnas gun gabh Crìosd còmhnaidh nur cridhe tre chreideamh; a‑chum air dhuibh a bhith air ur freumhachadh, agus air ur stèidheachadh, ann an gràdh,

Na dearmadaibh aoidheachd a thoirt do choigrich; oir le seo thug dream àraidh aoidheachd do ainglean gun fhios dhaibh.

Feuch, tha mi am sheasamh aig an doras, agus a’ bualadh: ma dh’èisdeas neach sam bith rim ghuth, agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach da ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipear maille ris, agus esan maille riumsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan