Agus leugh e ann fa chomhair na sràide a tha fa chomhair geata an uisge, o mhadainn gu meadhon-là, an làthair nam fear agus nam ban, agus na muinntir a thuigeadh; agus bha cluasan an t‑sluaigh uile ri leabhar an lagha.
Agus thàrladh air aon de na làithean sin, nuair a bha e a’ teagasg a’ phobaill anns an teampall, agus a’ searmonachadh an t‑soisgeil, gun tàinig na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean air, maille ris na seanairean,
Agus dh’èisd bean àraidh rinn dom b’ainm Lidia, bean-reicidh purpair, o bhaile Thiatìra, a bha a’ dèanamh adhraidh do Dhia; aig an d’fhosgail an Tighearna a cridhe, ionnas gun tug i aire do na nithean a labhradh le Pòl.