Iad sin bheir mi a‑chum mo shlèibh naoimh; agus nì mi aoibhneach iad ann am thaigh-ùrnaigh; bidh an tabhartasan-loisgte agus an ìobairtean air an gabhail gu taitneach air m’altair; oir goirear rim thaigh-sa, Taigh-ùrnaigh airson nan uile shlògh.
Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.
Agus theagaisg e, ag ràdh riu, Nach eil e sgrìobhte, Goirear taigh ùrnaigh dem thaigh-sa leis na h‑uile chinnich? Ach rinn sibhse na gharaidh luchd-reubainn e.