Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 19:44

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an leag iad cho ìosal ris an làr thu, agus do chlann annad, agus nach fàg iad annad clach air muin cloiche; do bhrìgh nach b’aithne dhut aimsir d’fhiosrachaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Is sona esan a ghlacas agus a phronnas do chlann bheag ris na clachan.

Agus ciod a nì sibh ann an là an smachdachaidh, agus anns an lèirsgrios a thig o chèin? Cò a dh’ionnsaigh a theicheas sibh a‑chum cobhair? Agus càit am fàg sibh ur glòir?

Agus campaichidh mi ad aghaidh mun cuairt; agus teannaichidh mi thu le tòrr: agus togaidh mi daingnichean ad aghaidh.

Agus chan fhàgar fuidheall beò dhiubh; oir bheir mise olc air muinntir Anatoit, bliadhna an smachdachaidh.

Pheacaich Ierusalem gu trom; air an adhbhar sin tha i air a h‑atharrachadh: iadsan uile a thug urram dhi, tha iad ri tàir oirre, a chionn gum faca iad a lomnochdaidh; seadh, tha ise ri caoidh, agus a’ tionndadh air a h‑ais.

Tha deich agus trì-fichead seachdain air an òrdachadh air do shluagh, agus air a’ chathair naoimh, a chrìochnachadh euceirt, agus a chur crìch air lochdan, agus a dhèanamh rèite airson aingidheachd, agus a thoirt a‑steach fìreantachd shìorraidh, agus a sheulachadh suas na h‑aisling agus na fàistneachd, agus a dh’ungadh an Tì as ro‑naoimhe.

Agus an ceann nan trì-fichead agus dà sheachdain, gearrar Mesiah as, ach chan ann air a shon fhèin: agus sgriosaidh sluagh a’ phrionnsa a thig a’ chathair, agus an naomh-ionad; agus bidh a chrìoch sin le tuil, agus gu deireadh a’ chogaidh tha lèirsgrios air òrdachadh.

Uime sin, air ur son-se bidh Sion air a treabhadh mar mhachair, agus bidh Ierusalem na cùirn; agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe.

Agus thubhairt Iosa riu, Nach faic sibh iad seo uile? Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh nach fàgar clach air muin cloiche an seo nach tilgear sìos.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Am faic thu an aitreabh mhòr seo? Chan fhàgar clach air muin cloiche, nach sgarar o chèile.

Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball,

Tro thròcair ro‑mhòr ar Dè‑ne, leis an d’fhiosraich an ùr‑mhadainn on ionad as àirde sinn,

Ag ràdh, Nam b’aithne dhut, eadhon dhutsa, air bheag sam bith ann ad là seo fhèin, na nithean a bhuineas dod shìth: ach a‑nis tha iad falaichte od shùilean.

A‑thaobh nan nithean seo a chì sibh, thig na làithean anns nach fàgar clach air muin cloiche dhiubh, nach tilgear sìos.

Air dhuibh deagh chaitheamh-beatha a bhith agaibh am measg nan Cinneach; a‑chum an àite olc a labhairt umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun dèan iad o ur deagh obraichean a chì iad, Dia a ghlòrachadh ann an là an fhiosrachaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan