Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 19:43

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir thig na làithean ort, anns an tilg do naimhdean dìg mud thimcheall, agus an iadh iad umad mun cuairt, agus an druid iad a‑steach air gach taobh thu;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Bha cathair bheag ann, agus beagan dhaoine innte; agus thàinig rìgh mòr na h‑aghaidh, agus shuidh e mun cuairt oirre, agus chuir e daingnichean mòra suas na h‑aghaidh.

Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna mu thimcheall rìgh Asiria, Cha tig e a‑steach don chathair seo, agus cha tilg e saighead innte, agus cha tog e sgiath fa comhair, agus cha chuir e suas tòrr na h‑aghaidh.

Marbhaidh e leis a’ chlaidheamh do nigheanan anns a’ mhachair; agus nì e daingneach ann ad aghaidh, agus tilgidh e suas tòrr ad aghaidh, agus togaidh e suas ad aghaidh an sgiath.

Agus cuartaich e le feachd, agus tog na aghaidh daingneach, agus tilg suas tòrr na aghaidh; suidhich fòs camp na aghaidh, agus cuir reitheachan-cogaidh na aghaidh air gach taobh mun cuairt.

Ach nuair a chuala an rìgh seo ghabh e fearg; agus chuir e a armailtean uaithe, agus sgrios e an luchd-mortaidh sin, agus loisg e am baile-san.

Ag ràdh, Nam b’aithne dhut, eadhon dhutsa, air bheag sam bith ann ad là seo fhèin, na nithean a bhuineas dod shìth: ach a‑nis tha iad falaichte od shùilean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan