Ag ràdh, Nam b’aithne dhut, eadhon dhutsa, air bheag sam bith ann ad là seo fhèin, na nithean a bhuineas dod shìth: ach a‑nis tha iad falaichte od shùilean.
Air an adhbhar sin nì gach duine diadhaidh ùrnaigh riutsa anns an àm anns am faighear thu: gu cinnteach ann an tuil nan uisgeachan mòra, cha tig iad am fagas dha.
Ach mura èisd sibh ris, guilidh m’anam ann an ionadan uaigneach airson ur n‑uabhair, agus guilidh mo shùil gu goirt, agus silidh mo dheòir gu pailt, a chionn gun toirear ann am bruid treud an Tighearna.
Abair riu, Mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, chan eil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh; ach gun tilleadh an t‑aingidh o a shlighe, agus gum biodh e beò: tillibh, tillibh, o ur droch shlighean, carson a bhàsaicheas sibh, O thaigh Israeil?
Oir thig na làithean ort, anns an tilg do naimhdean dìg mud thimcheall, agus an iadh iad umad mun cuairt, agus an druid iad a‑steach air gach taobh thu;
Agus an leag iad cho ìosal ris an làr thu, agus do chlann annad, agus nach fàg iad annad clach air muin cloiche; do bhrìgh nach b’aithne dhut aimsir d’fhiosrachaidh.
An sin dh’fhàs Pòl agus Barnabas dàn, agus thubhairt iad, B’èiginn facal Dhè a bhith air a labhairt ribhse air tùs: ach do bhrìgh gun do chuir sibh cùl ris, agus gur i ur breith oirbh fhèin nach airidh sibh air a’ bheatha mhaireannaich, feuch, tha sinne a’ tionndadh a‑chum nan Cinneach.
O gum biodh an gnè cridhe seo annta, gum biodh m’eagal-sa orra, agus gun gleidheadh iad m’àitheantan uile a‑ghnàth, a‑chum gun èireadh gu math dhaibh, agus dan cloinn gu bràth!
Ach earalaichibh a chèile gach là, am feadh a ghoirear An Là‑an‑diugh dheth; air eagal gun cruadhaichear neach air bith agaibh tre mhealltaireachd a’ pheacaidh.