Air an adhbhar sin thubhairt mi, Tionndaidh air falbh uam: guilidh mi gu goirt; na feuchaibh ri comhfhurtachd a thoirt dhomh, airson lèir-chreach nighean mo shluaigh.
Oir èiridh an Tighearna suas, mar ann an sliabh Pherasim, bidh corraich air mar ann an gleann Ghibeoin; a‑chum gun coilean e a obair fhèin, obair neo-ghnàthach; agus gun dèan e a ghnìomh fhèin, a ghnìomh coimheach.
Ach mura èisd sibh ris, guilidh m’anam ann an ionadan uaigneach airson ur n‑uabhair, agus guilidh mo shùil gu goirt, agus silidh mo dheòir gu pailt, a chionn gun toirear ann am bruid treud an Tighearna.
Ach cha do rinn mi deifir o bhith am fhear-coimhead ad dhèidh-sa, agus là na h‑iargain cha d’iarr mi; agad fhèin tha fhios air an nì a thàinig a‑mach as mo bheul, bha e ann ad làthair.
Och, nach b’uisge mo cheann, agus nach bu tobar dheur mo shùilean, a‑chum gun guilinn a là agus a dh’oidhche airson muinntir mharbhte nighean mo shluaigh!
Cionnas a bheir mi thairis thu, O Ephraim! Cionnas a bheir mi seachad thu, O Israeil! Cionnas a nì mi thu mar Admah! A chuireas mi thu mar Sheboim! Tha mo chridhe an taobh a‑staigh dhìom air tionndadh; tha m’aithreachais air lasadh le chèile.
Ag ràdh, Nam b’aithne dhut, eadhon dhutsa, air bheag sam bith ann ad là seo fhèin, na nithean a bhuineas dod shìth: ach a‑nis tha iad falaichte od shùilean.