Oir le aoibhneas thèid sibh a‑mach agus le sìth stiùrar sibh air ur n‑aghaidh: togaidh na slèibhtean agus na cnuic romhaibh àrd iolach, agus uile chraobhan na machrach buailidh am basan.
Agus na smaoinichibh a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan sin.
Agus a’ tionndadh cathraichean Shòdoim agus Ghomorrah gu luaithre, gun do dhìt e le lèirsgrios iad, gan dèanamh nam ball-sampaill dhaibhsan a bhiodh mì‑dhiadhaidh an dèidh sin;