Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 19:37

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig e am fagas, eadhon gu dol sìos Sliabh nan Crann-ola, thòisich mòr-chuideachd nan deisciobal uile ri gàirdeachas a dhèanamh, agus moladh a thoirt do Dhia le guth àrd, airson nan uile obraichean cumhachdach a chunnaic iad,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Mar seo thug Israel uile suas àirc coicheangal an Tighearna le iolaich, agus le fuaim a’ bhuabhaill, agus le trompaidean, agus le ciombalan, a’ dèanamh co‑sheirm le saltairean agus clàrsaichean.

Agus rinn Heseciah agus an sluagh uile gàirdeachas, a chionn gun do dheasaich Dia airson an t‑sluaigh: oir rinneadh an nì gu grad.

Agus nuair a dhruid iad ri Ierusalem, agus a thàinig iad gu Betphage, gu Sliabh nan Crann-ola, an sin chuir Iosa dithis de a dheisciobail uaithe,

Agus nuair a shuidh e air Sliabh nan Crann-ola, fa chomhair an teampaill, dh’fheòraich Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, ann an uaigneas dheth,

Agus air dhaibh laoidh a sheinn, chaidh iad a‑mach gu Sliabh nan Crann-ola.

Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e e, a’ toirt glòire do Dhia: agus thug an sluagh uile cliù do Dhia, nuair a chunnaic iad seo.

Agus thàinig fear eile, ag ràdh, A thighearna, feuch do phunnd, a bha agamsa taisgte ann an nèapaigean:

A‑nis nuair a dhruid e ri Betphage agus Betani, làimh ris an t‑sliabh ris an abrar Sliabh nan Crann-ola, chuir e dithis de a dheisciobail uaithe,

Agus ag imeachd dhàsan, sgaoil iad am fallaingean fodha air an t‑slighe.

Agus ghlac eagal iad uile: agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Dh’èirich fàidh mòr nar measg-ne; agus, Dh’amhairc Dia air a shluagh fhèin.

Air an adhbhar sin mar an ceudna choinnich an sluagh e, do bhrìgh gun cuala iad gun do rinn e am mìorbhail seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan