Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 19:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ag imeachd dhàsan, sgaoil iad am fallaingean fodha air an t‑slighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

An sin rinn iad cabhag, agus ghabh iad gach fear dhiubh a fhallaing, agus chuir iad gach aon foidhe i air mullach na staidhreach, agus shèid iad le trompaid, agus thubhairt iad, Is e Iehu an rìgh.

Agus sgaoil mòr-shluagh am fallaingean air an t‑slighe; agus gheàrr dream eile geugan de na craobhan, agus leag iad air an t‑slighe iad.

Agus thug iad gu Iosa e: agus thilg iad am fallaingean air an t‑searrach, agus chuir iad Iosa air.

Agus nuair a thàinig e am fagas, eadhon gu dol sìos Sliabh nan Crann-ola, thòisich mòr-chuideachd nan deisciobal uile ri gàirdeachas a dhèanamh, agus moladh a thoirt do Dhia le guth àrd, airson nan uile obraichean cumhachdach a chunnaic iad,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan